Coimisean Fèin-riaghlaidh na h-Alba

lèirmheas neo-eisimeileach air mar a tha fèin-riaghlaidh air obrachadh ann an Alba gu ruige seo

Header Image Fèin-riaghlaidh na h-Alba
View this page in English »

Fàilte

Fàilte gu làrach-lìn Coimisean Fèin-riaghaidh na h-Alba – lèirmheas neo-eisimeileach air mar a tha fèin-riaghlaidh na h-Alba air obrachadh bho 1998. An seo faodaidh tu faighinn a-mach mu thùs agus raon-ùghdarrais a’ Choimisein, a bhallrachd agus mar a tha e a’ dol air adhart le a chuid obrach. Faodaidh tu pàipearan a’ Choimisein a luchdachadh a-nuas, na naidheachdan as ùire a leughadh agus ceanglaichean iomchaidh a leantainn. Is dòcha nas cudromaiche, gheibh thu a-mach mar as urrainn dhut pàirt a ghabhail ann an obair a’ Choimisein.

Ma tha beachd sam bith agad mun làraich-lìn seo, no ceist sam bith mun Choimisean, feuch an cur thu fios gu Rùnaireachd a’ Choimisein.

Fios mu na duilleagan Gàidhlig

Tha sinn ag amas air làn-fhiosrachadh mun Choimisean agus an obair aige a thoirt seachad anns na duilleagan Gàidhlig againn. Tha sinn duilich nach eil e comasach dhuinn dreachan Gàidhlig de phàipearan a’ Choimisein no do thagraidhean chun a’ Choimisein a fhuaras sa Bheurla, no do bhrathan-naidheachd, a thoirt seachad. Sa chumantas, is ann sa Bheurla a-mhàin a gheibhear ceanglaichean gu làraich-lìn eile.

Tha thu di-beathte tagradh a chur a-steach chun Choimisein sa Ghàidhlig.

Sir Coinneach Calman

Teachdaireachd an Neach-gairm
Sir Coinneach Calman

An dèidh deich bliadhna bho chaidh Achd na h-Alba aontachadh – an reachdas bunaiteach airson Pàrlamaid na h-Alba – is e seo àm math airson lèirmheas a dhèanamh air mar a tha fèin-riaghlaidh ag obair an an Alba. Tha a’ Phàrlamaid, a-nis san treas seisean aice, air deagh eisimpleir a dhearbhadh mar fhòraim reachdais is deasbaid, agus air i fhèin a stèidheachadh aig cridhe beatha poileataigeach na h-Alba.

Leugh an còrr de theachdaireachd a’ Chathraiche...

Languages