Cuspairean tagraidh
Chur a’ chiad co-chomhairleachaidh coitcheann aig a’ Choimisein (a ruith eadar an Ògmhios agus an t-Sultain 2008) fàilte air tagraidhean a bha stèidhichte air na ceistean a leanas:
- Gu coitcheann, dè cho soirbheachail sa tha na structaran ùra a chruthaich fèin-riaghlaidh air a bhith gach cuid a thaobh riaghladh èifeachdach a lìbhrigeadh ann an raointean fèin-riaghlaidh, agus a bhith a sòlarachadh sgrùdadh agus ath-shealladh pàrlamaideach èifeachdach?
- An urrainn dhut eisimpleirean a thoirt dhuinn far an tug fèin-riaghladh toraidhean nas fheàrr do mhuinntir na h-Alba na bhiodh an dùil no comasach do rèiteachadh san àm ro fèin-riaghlaidh?
- A bheil dad sam bith co-cheangailte ri Achd 1998 a tha thu den bheachd a bu chòir atharrachadh no ath-bheachdachadh a dhèanamh air, mar thoradh air mar a tha fèin-riaghaladh air obrachadh an dèidh 1999? [Seall air Not A gu h-ìseal].
- A bheil thu a creidsinn gum biodh muinntir na h-Alba na bfheàrr dheth nam biodh gnothaichean sam bith a tha aig an àm seo glèidhte aig Westminster a-nis air an tiomnadh gu Pàrlamaid na h-Alba? [Seall air Not B gu h-ìseal].
- A bheil thu a creidsinn gum biodh muinntir na h-Alba na bfheàrr dheth nam biodh gnothaichean sam bith a tha aig an àm seo tiomnaiche do Phàrlamaid na h-Alba a bhith a-nis glèidhte aig Westminster?
- A dhaindeoin gu dè na gnothaichean sònraichte a tha glèidhte agus feadhainn eile tiomnaichte, a bheil thu a toirt taic don eadar-dhealachadh glèidhte/tiomnaichte mar an dòigh as fheàrr airson a bhith a mìneachadh nan dleastanasan iomchaidh aig Pàrlamaid na RA agus Pàrlamaid na h-Alba? Am biodh feum sam bith ann an roinn mheadhanach, a gabhail a-staigh dòigh a choreigin de chomasan roinnte no co-aontach, le sgrùdadh agus cothromachadh iomchaidh gus casg a chur air connspaid?
- A bheil thu a toirt taic don rèiteachadh ionmhais gnàthaichte a thaobh fèin-riaghladh, far a bheil Pàrlamaid na h-Alba a faighinn meall-thabhartas (stèidhichte air formala Barnett) airson a chosg air seirbheisean tiomnaichte mar a roghnaicheas iad, ach nach eil uallach ann (a bharrachd air cumhachdan gus ìre cìs chosnaidh bunaiteach atharrachadh suas gu 3sg sa phunnd, agus smachd tiomnaichte air cìs ionadail) airson ionmhas a thogail bho luchd-pàighidh chìsean na h-Alba airson na seirbheisean tiomnaichte sin a phàigheadh?
- A bheil thu a creidsinn gum bu chòir uallach a bhith air Pàrlamaid na h-Alba barrachd earrann den ionmhas aca a thogail le bhith a faighinn barrachd cumhachd cìsean a stèidheachadh? Ma tha, dè na cìsean a bu chòir a bhith tiomnaichte (m.e. VAT, Cìs Chosnaidh, Cìs Chorporrachd, Cìs-bhathair is eile) agus am bu chòir atharrachaidhean co-chòrdail a bhith ann a thaobh rèiteachadh ionmhais bho Riaghaltas na RA?
- Dè cho èifeachdach sa tha thu a creidsinn a tha ceanglaichean eadar-riaghaltais air a bhith bho 1998, a gabhail a-staigh co-theacs dhleastanasan Mhinistearan na RA agus na h-Alba ann a bhith a dèiligeadh ris an Aonaidh Eòrpach?
Not: Le bhith a freagairt Ceistean 3 agus 4 gu h-àrd, dhfhaodadh gum bu chòir mothachadh a bhith agad gu sònraichte air na cuspairean air na liostaichean a leanas, a chaidh a dheasachadh bho bheachdan a thàinig bho dhaoine fa leth agus bhuidhnean a fhreagair litir 2 Cèitean an Neach-gairm. Chan eil an Coimisean fhèin air beachd a nochdadh a thaobh aon no barrachd de na tha air na liostaichean sin ach tha iad air an ainmeachadh gus aithne a thoirt do na beachdan a chaidh a chur air adhart. Ach chuirear fàilte air beachdan air cuspair sam bith eile a tha glèidhte an-dràsta le Pàipear-taic 5 Achd 1998.
A: Gnothaichean coitcheann a thaobh Achd na h-Alba 1998:
- Àireamh BPAn agus siostam taghaidh ball a bharrachd
- Nàdur aon-chruth na Pàrlamaid (dìth dàrna seòmar)
- Farsaingeach cumhachd gnàthaichte togail chìsean (a tha a toirt cothrom don Phàrlamaid ìre bunaiteach na cìs tuarastail àrdachadh suas ri 3sg sa phunnd)
- Dleastanas nan Oifigearan Lagha (Am Morair Tagraidh, Àrd Neach-lagha a Chrùin an Alba, Tagraiche-coitcheann na h-Alba)
- Cuibhreachan air comas Mhinistearan na h-Alba ionmhas a thogail le bhith a faighinn iasad
- Na dòighean-obrach airson a bhith a dèiligeadh ri cuspairean fèin-riaghlaidh.
B: Gnothaichean a tha an-dràsta glèidhte (tha comharraidhean gu na sgrìobhaidhean iomchaidh ann am Pàipear-taic 5 do Achd 1998 a chithear anns na camagan):
- Am bonn-stèidh ann an co-theacs mìneachaidh comas na Pàrlamaid referendum a chumail air fèin-riaghlaidh (Part I, para 1)
- Clàradh agus maoineachadh phàrtaidhean poileataigeach (Part I, para 6)
- Gnothaichean thall thairis a gabhail a-staigh taic leasachaidh eadar-nàiseanta (Part I, para 7)
- An t-seirbheis chatharra an Alba (Part I, para 8)
- Dìon (Part I, para 9)
- A togail chìsean (Part II, Section A1)
- Ana-cleachdadh dhrugaichean (Part II, Section B1)
- Dìon dàta (Part II, Section B2)
- Taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba, agus cothrom bhòtaidh aig taghaidhean riaghaltasan ionadail, a gabhail a-staigh aois bhòtaidh (Part II, section B3)
- Gunnaichean (Part II, section B4)
- In-imrich agus nàiseantachd (in the context of attracting skilled labour to Scotland) agus ceal-chobhair (Part II, section B6)
- Cùrsan-obrach saidheansail air beathaichean beò (Part II, section B7)
- Gealladh, iomairt is crannchur a gabhail a-staigh an Crannchur Nàiseanta (Part II, section B9)
- Farpais (Part II, section C3)
- Riaghladh iasgach mhara (Part II, section C6)
- Dìon luchd-ceannach ((Part II, section C7)
- Tele-chonaltradh (Part II, section C10)
- Am Posta Rìoghail (Part II, section C11)
- Comhairlean Sgrùdaidh agus maoineachadh sgrùdaidh saidheansail (Part II, section C12)
- Cumhachd (Part II, Head D), a gabhail a-staigh ola is gas (D2)
- Còmhdhail (Part II, Head E)
- Àrainneachd mara agus còmhdhail mara (partly covered by Part II, Section E3)
- Tearainteachd Shòisealta (Part II, Head F) a gabhail a-staigh tabhartas taigheadais, tabhartas cìs chomhairle agus peinnseanan (F1) agus taic chloinne (F2)
- Riaghladh nam proifeasanan (Part II, section G), a gabhail a-staigh nam proifeasanan slàinte (G2)
- Obraichean is dàimhean tionnsgalach (Part II, section H1)
- Slàinte is sàbhailteachd (Part II, source H2)
- Casg-breith, xenotransplantation agus eòlas cruthachaidh (Part II, sections J1 - J3)
- Craoladh (Part II, section K1)
- Co-ionannachd chothroman (Part II, section L2)
- Smachd air armachd lèir-sgrios (Part II, section L3)
- Raointean-ama agus àm samhraidh (Part II, section L5).