Poileasaidh a thaobh làimhseachadh Thagraidhean Sgrìobhte
- Tha am poileasaidh seo a buntainn ri tagraidhean sgrìobhte gu h-iomlan as chuirear gu Coimisean Fèin-riaghlaidh na h-Alba, ge b e a bheil iad ann an sgrìobhadh (pàipear) no air post-d (dealanach), agus tha seo a mìneachadh mar a làimhsicheas an Coimisean iad.
- Ged nach e ùghdarras poblach a tha sa Choimisean airson adhbharan reachdas saorsa fiosrachaidh, tha e a cumail ri poileasaidh coitcheann de shoilleireachd nan cuid obrach, agus mar sin tha dùil aca a bhith a foillseachadh a mhòr-chuid de na tagraidhean a chleachd iad airson tighinn gu co-dhùnaidhean. (Tha foillseachadh a gabhail a-staigh foillseachadh air làrach-lìn a Choimisein agus/no air pàipear.)
- Chan eil an Coimisean a gealltainn gum foillsich iad a h-uile tagradh a gheibh iad. Gu sònraichte, dhfhaodadh nach tèid tagraidhean a thathar a co-dhùnadh a tha a laighe taobh a-muigh raon-ùghdarrais a Choimisein (gu h-iomlan no ann am pàirt) fhoillseachadh (no nach tèid am foillseachadh gu h-iomlan). Dhfhaodadh sinn co-dhùnadh cuideachd gun tagraidhean fhoillseachadh a tha co-ionnan no gu ìre mhòr co-ionnan ri feadhainn eile a fhuarar roimhe. Dhfhaodadh nach tèid tagraidhean a thathar den bheachd a tha suarach no abhailteach, no anns a bheil aithrisean a dhfhaodadh a bhith toibheumach no mì-chliùiteach, fhoillseachadh, no is dòcha gun tèid an deasachadh ro àm foillseachaidh. Laighidh an co-dhùnadh mu dheireadh le Neach-gairm a Choimisein.
- Dhfhaodadh gun tèid cruth nan tagraidhean gu h-iomlan atharrachadh no beagan deasachaidh a dhèanamh orra (mearachdan clò-sgrìobhte, gràmar, puingeachaidh) mus tèid am foillseachadh. Cha tèid atharrachadh susbainteach a dhèanamh as aonais còmhradh ro-làimh leis an t-ùghdar.
- Gus a bhith a rèir Achd Dìon Dàta 1998, chan fhoillsich an Coimisean dàta pearsanta sam bith an cois tagradh (ach a-mhàin, sa mhòr-chùid, ainm an duine a chur an tagradh a-steach). Thèid cur às do dhainmean-sgrìobhte agus fiosrachadh seòlaidhean pearsanta (m.e. àireamhan fòn dachaigh, seòlaidhean puist-d) ro àm foillseachaidh.
- Bu chòir nach bi, far a bheil sin comasach, fiosrachadh ga chur a-steach a dhfhaodadh duine beò aithneachadh far nach deach cead a thoirt seachad airson sin fhoillseachadh gu poblach. Far a bheil an leithid de dhfhiosrachadh ann, dhfhaodadh gum feum sinn a thoirt às ro àm foillseachaidh.
- Ma tha thu airson gun tèid do thagradh a chumail dìomhair, no air fhoillseachadh a-mhàin gun urra, bu chòir an iarrtas sin a chomharrachadh gu soilleir san tagradh (no ann an litir na chois no ann am post-d). Ma tha teagamh ann, feuch an cur thu fios gu Rùnaireachd a Choimisein – ma tha sin comasach mus cur thu an tagradh fhèin a-steach.
- Mar as trice, aontaichidh an Coimisean spèis a thoirt do dhiarrtas sam bith a thaobh dìomhaireachd no neo-ainmeachaidh. A thaobh dìomhaireachd, bidh seo a ciallachadh gur e buill a Choimisein a-mhàin a gheibh an tagradh bhon luchd-rianachd (agus feadhainn eile a tha an sàs gu dìreach ann an obair a Choimisein, leithid comhairlichean eòlach), a dearbhadh dìomhaireachd an tagraidh. Far a bheil an iarrtas airson neo-ainmeachadh, bidh seo a ciallachadh gun dèan an luchd-rianachd cinnteach nach bi ainm an tagraiche air an fhiosrachadh a gheibh buill a Choimisein (no duine sam bith eile mar a chaidh a mhìneachadh gu h-àrd), no nuair a thèid fhoillseachadh.
