A cur thagraidhean sgrìobhte a-steach
Tha an Coimisean a cur fàilte air tagraidhean sgrìobhte gus an cuideachadh len cuid obrach, bho dhaoine fa leth no bho bhuidhnean, agus bho thaobh a-staigh na h-Alba is nas fharsainge.
Dhfhaodadh e bhith na chuideachadh nan tòisicheadh tu do thagradh le dealbh-chunntas goirid air deòlas no do chùl-fhiosrachaidh, gus co-theacs a thoirt dha do bheachdan. Airson a bhith soilleir, bu chòir dhut com-pàirt ionmhas no rud sam bith eile a tha agad anns na cuspairean a tha san tagradh agad fhoillseachadh.
Sa mhòr-chùid, tha sinn a moladh nach bi do thagradh nas fhaide na timcheall air 10 taobh-dhuilleagan A4. Ma bhios tagraidhean nas fhaide na mu 6 taobh-dhuilleagan, dhfhaodadh gum biodh e feumail geàrr-chunntas goirid de na prìomh phuingean a chur aig an toiseach no aig an deireadh. Ma tha thu den bheachd gu feum do thagradh a bhith nas fhaide na 10 taobh-dhuilleagan, feuch am bruidhinn thu an toiseach ri luchd-rianachd a Choimisein.
Chan eil e riatanach mar as àbhaist stuthan taic a gheibhear gu coitcheann a chur a-steach an cois thagraidhean an àite sin, faodar fiosrachadh tarraing-aire no aithrisean (quotes) a chur a-steach mar a bhios sin iomchaidh. (Tha ceanglaichean gu làraichean-lìn air leth cuideachail.) Far a bheil iomradh air stuthan no-thùsail no stuthan dlighe-sgrìobhaidh, feumar tùs na stuth ainmeachadh agus cead fhaighinn far a bheil sin iomchaidh.
Bhiodh sinn gu mòr nad chomainn nam burrainn dhut tagraidhean a chur a-steach gu dealanach (a gabhail a-staigh far a bheil pàipear cuideachd na chois), mar as fheàrr mar leas-fhaidhle post-d Microsoft Word, no leis an teacs taobh a-staigh a phuist-d fhèin. Bu chòir puist-d an cur gu:
info@commissiononscottishdevolution.org.uk.
Feuch an cum thu air falbh bho chumaidhean ioma-fhillteach (a gabhail a-staigh àireamhachd ioma-phàirteil, ioma-ìrean de chinn is eile), oir is dòcha gum feumadh sinn ath-chumadh a dhèanamh air tagraidhean an dèidh dhuinn am faighinn a-steach.
Far a bheil dealbhan, diagraman no grafaigs eile na chois, bhiodh e cuideachail nam biodh iad sin ann an cruth a leigeas dhuinn beagan deasachaidh a dhèanamh orra.
Mus cur thu tagradh a-steach, feuch an dèan thu cinnteach gun do leugh thu ar poileasaidh air tagraidhean sgrìobhte a làimhseachadh.
Feuch cuideachd an dèan thu cinnteach gum bi an tagradh agad a laighe taobh a-staigh raon-ùghdarrais a Choimisean. Mar eisimpleir, bhiodh tagraidhean a thaobh dearbhadh cùise neo-eisimeileachd, no bhith a tionndadh fèin-riaghlaidh le ais-ghairm Achd na h-Alba, a laighe taobh a-muigh raon-ùghdarrais a Choimisein.