Mu dheidhinn

Raon-ùghdarrais
Is e seo raon-ùghdarrais Coimisean Fèin-riaghlaidh na h-Alba:
"Lèirmheas a dhèanamh air ullachaidhean Achd na h-Alba 1998 mar thoradh air mar a tha fèin-riaghaladh air obrachadh gu rùige seo is gus fiosrachaidh agus molaidhean sam bith a chur air adhart a thaobh an rèiteachaidh bun-reachd gnàthaichte a bheireadh cothrom do Phàrlamaid na h-Alba seirbheis nas fheàrr a thoirt do mhuinntir na h-Alba, adhartas a thoirt air cunntasachd ionmhais Pàrlamaid na h-Alba, agus a chumadh suidheachadh na h-Alba taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte tèarainte."
Bunaitean
Thòisich an Coimisean mar thoradh air deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba air 6 Dùbhlachd 2007. Cho-dhun a’ Phàrlamaid gu foirmeil taic a thoirt do bhith "a’ stèidheachadh coimisean le neach-gairm neo-eisimeileach gus lèirmheas a dhèanamh air fèin-riaghlaidh ann an Alba". Tha gluasad na Pàrlamaid a’ leantainn air adhart gu bhith a’ stèidheachadh raon-ùghdarrais a’ Choimisein (gu h-àrd), agus iarraidh air Buidheann Chorporra na Pàrlamaid "goireasan agus maoineachadh iomchaidh" a thoirt seachad dha.
Chomharraich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte taic don Choimisein san Fhaoilleach 2008. Ann an Aithris Mhinistreil sgrìobhte air 25 Màrt, thuirt Rùnaire Stàite na h-Alba gum biodh Riaghaltas na RA ag obair le Pàrlamaid na h-Alba gus taic a thoirt don Choimisein.
Chaidh ainmeachadh air 25 Màrt 2008 gum biodh Sir Coinneach Calman na Neach-gairm air a’ Choimisein, agus chaidh an còrr den bhallrachd a dhearbhadh air 28 Giblean.
Coinneamhan agus structuran
Choinnich an Coimisean airson a’ chiad uair ann am Pàrlamaid na h-Alba air 28 Giblean. An seo, chaidh aontachadh, gu sònraichte, gun deidheadh san toiseach co-dhiù, ceithir "buidhnean-grìomh" an stèidheachadh gus prìomh-ìrean den obair a thoirt air adhart – a’ coimhead ri dleastanasan, prìonnsabalan, cunntasachd ionmhais, agus ceanglaichean. Chaidh buidheann-gnìomh eile airson dàimhean eadar-riaghaltais a stèidheachadh an dèidh coinneamh a’ Choimisein air 30 Cèitean.
Bhon uairsin, choinnich an Coimisean faisg air aon uair sa mios, agus bha na buidhnean-gnìomh gu gnìomhail a’ toirt gnothaichean air adhart taobh a-staigh na raointean-ùghdarrais aca eadar choinneamhan a’ Choimisein. (Gheibhear geàrr-chunntasan coinneamhan a’ Choimisein agus na Buidhnean-gnìomh air duilleag nam Pàipearan.) Tron Fhoghar 2008 agus Earrach 2009, chaidh buill a’ Choimisein air adhart le prògram thachartasan ceangail ionadail (airson mion-fhiosrachaidh, seallaibh air duilleag nan Tachartasan Ionadail) agus le seiseanan fianais bheòil (airson mion-fhiosrachaidh, seallaibh air duilleag Fianais Bheòil).
Aithisgean a’ Choimisein
Chaidh a’ Chiad Aithisg [PDF - 2.62MB] den Choimisean fhoillseachadh air 2 Dùbhlachd 2008, a’ toirt sealladh farsaing air adhartas gu ruige seo agus a’ daingneachadh raon de chuspairean mun deach tuilleadh fianais agus ceanglaichean a shireadh.
Chaidh Aithisg Dheireannach [PDF - 547KB] a’ Choimisein fhoillseachadh air 15 Òg Mhios 2009. Tha i a’ toirt a-steach raon farsaing de mholaidhean a’ còmhdach gach cuspair de raon-ùghdarrais a’ Choimisein. Tha seo a’ toirt obair a’ Choimisein gu crìch.
