Ceistean a thèid am faighneachd gu tric
- Cuine agus carson a chaidh an Coimisean a stèidheachadh?
- A bheil an Coimisean neo-eisimeileach? Cò dha a tha e cunntasach?
- Am bi an Comisean a’ beachdachadh air roghainnean cur às do Phàrlamaid na h-Alba, no mu dheidhinn neo-eisimeileachd? Ciamar a tha iad a’ ceangal ri “Còmhradh Nàiseanta” Riaghaltas na h-Alba?
- Ciamar a chaidh na buill a thaghadh?
- Dè tha an Coimisean a’ cosg, agus cò tha a pàigheadh?
- Ciamar a tha an Coimisean a’ dol air adhart le a chuid obrach? Ciamar a gheibh mi a-mach mu dheidhinn adhartas?
- Dè a thachras do mholaidhean a’ Choimisein?
Cuine agus carson a chaidh an Coimisean a stèidheachadh?
Is ann bho Phàrlamaid na h-Alba a thàinig an rùn airson an Coimisean a stèidheachadh, tro ghluasad a chaidh aontachadh air 6 Dùbhlachd 2007 ag iarraidh gun dèidheadh "coimisean le neach-gairm neo-eisimeileach a stèidheachadh gus lèirmheas a dhèanamh air fèin-riaghladh ann an Alba". Thug trì de na ceithir prìomh phàrtaidhean anns a’ Phàrlamaid (Làbaraich, Libearalaich Dheamocratach agus Tòraidheach) an taic dha, agus chur Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba na aghaidh (cha do bhòt dà BhPA a’ Phàrtaidh Uaine agus an aon BhPA neo-eisimeileach).
An dèidh sin, nochd Riaghaltas na RA an taic don Choimisean, agus ghluais iad gu bhith ag ainmeachadh dhaoine iomchaidh gu bhith nam buill air a’ Choimisean, agus a’ stèidheachadh Rùnaireachd gus taic a chumail ris. Chaidh làn-bhallrachd a’ Choimisein ainmeachadh air 28 Giblean 2008 (an latha a choinnich an Coimisean airson a’ chiad uair).
A bheil an Coimisean neo-eisimeileach? Cò dha a tha e cunntasach?
Tha an Coimisean neo-eisimeileach bho phàrtaidh phoileataigeach sam bith, agus ag obrachadh gu neo-eisimeileach bho gach cuid Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na RA.
Cuiridh an Coimisean aithisg gu gach cuid Pàrlamaid na h-Alba agus gu Riaghaltas na RA. Bidh e an urra ris na buidhnean sin ciamar a dhèiligeas iad ri aithisg a’ Choimisein.
Am bi an Comisean a’ beachdachadh air roghainnean cur às do Phàrlamaid na h-Alba, no mu dheidhinn neo-eisimeileachd? Ciamar a tha iad a’ ceangal ri “Còmhradh Nàiseanta” Riaghaltas na h-Alba?
Is e seo raon-ùghdarrais Coimisean Fèin-riaghlaidh na h-Alba:
"Lèirmheas a dhèanamh air ullachaidhean Achd na h-Alba 1998 mar thoradh air mar a tha fèin-riaghaladh air obrachadh gu rùige seo is gus molaidhean sam bith a chur air adhart a thaobh an rèiteachaidh bun-reachd gnàthaichte a bheireadh cothrom do Phàrlamaid na h-Alba seirbheis nas fheàrr a thoirt do mhuinntir na h-Alba, adhartas a thoirt air cunntasachd ionmhais Pàrlamaid na h-Alba, agus a chumadh suidheachadh na h-Alba taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte tèarainte."
Chan eil an raon-ùghdarrais seo a’ ceadachadh moladh sam bith a thaobh ais-ghairm Achd na h-Alba no cur às do Phàrlamaid na h-Alba. Chan eil e cuideachd a’ ceadachadh moladh sam bith co-cheangailte ri neo-eisimeileachd do dh’Alba agus sgaradh bhon chòrr den RA. Is ann a tha an raon-ùghdarrais mu bhith a’ lorg dhòighean airson fèin-riaghlaidh a neartachadh taobh a-staigh an Aonaidh.
Tha obair a’ Choimisein gu tur eadar-dhealaichte bhon “Chòmhradh Nàiseanta”.
Ciamar a chaidh na buill a thaghadh?
Dh’iarr gluasad Phàrlamaid na h-Alba gum biodh neach-gairm neo-eisimeileach air a’ Choimisean, agus chaidh Sir Coinneach Calman ainmeachadh mar neach iomchaidh airson an uallach seo a ghabhail. Tha air a bhith an sàs aig ìre inbheil na chùrsa-beatha phoblach, ach cha robh e an sàs ann an dreuchd pàrtaidh-poileataigeach a-riamh, agus chan eil e dìleas do phàrtaidh sam bith no air a bhith a’ cur air adhart bheachdan phoileataigeach sònraichte sam bith.
Tha a’ mhòr-chuid de bhuill a’ Choimisean mar sin cuideachd leis nach eil ceangal sònraichte aca ri pàrtaidh poileataigeach sam bith, agus chaidh an taghadh gus, eatorra, an toireadh iad raon farsaing de dh’eòlas-beatha don Choimisean bho ghrunn raointean (mar eisimpleir an lagh, raon acadaimigeach, gnìomhachas, raon saor-thoileach, obair òigridh).
Chur na trì pàrtaidhean poileataigeach a thug an taic do ghluasad 6 Dùbhlachd ann am Pàrlamaid na h-Alba dà ainm air adhart airson ballrachd a’ Choimisein. Ge-tà, tha na daoine fa leth sin air a’ Choimisean mar bhuill fa leth iad fhèin, agus chan ann mar luchd-labhairt nam pàrtaidhean aca. Tha iad cuideachd a’ toirt leotha eòlas farsaing a thaobh poileataics agus beatha phoblach coitcheann. Bidh e an urra ri gach pàrtaidh a tha an sàs ann beachd a ghabhail mu mholaidhean a’ Choimisein cho luath’s a thèid am foillseachadh.
Dè tha an Coimisean a’ cosg, agus cò tha a pàigheadh?
Tha an Coimisean a’ faighinn co-thaic bho Phàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na RA. Gheall gluasad Pàrlamaid na h-Alba air 6 Dùbhlachd 2007 gun toireadh an SPCB (buidheann chorporra na Pàrlamaid) seachad "goireasan agus ionmhas iomchaidh"; agus dh’aontaich Riaghaltas na RA cuideachd taic a thoirt don Choimisein.
Tha gach cuid Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na RA air seòmraichean-coinneimh agus goireasan is seirbheisean eile a thoirt seachad an-asgaidh, agus chaidh iad sin an cleachdadh airson coinneamhan a’ Choimisein agus buidhnean-gnìomh far an robh sin comasach, agus airson seiseanan fianais bheòil, gus cosgaisean a chumail sios.
Tha neach-gairm a’ Choimisein agus na buill iomlan eile a’ toirt seachad an cuid ùine agus eòlais saor ‘s an-asgaidh. Thàinig cosgaisean siubhail is àiteachan fuirich co-cheangailte ri obair a’ Choimisein gu timcheall air £15,000.
Is ann air cosgaisean luchd-obrach is gnìomhachd ceangail a bha a’ chosgais as motha. Tro bheatha a’ Choimisein (Giblean 2008 – Òg Mhios 2009) chaidh timcheall air £225,000 a chosg air tuarastal luchd-obrach, siubhal is cosgaisean teachd-an-tìr, agus cosgaisean co-cheangailte ri rianachd. Tha an àireamh iomlan airson gnìomhachd ceangail air a bhith timcheall air £225,000 – agus tha seo a’ toirt a-steach cosgaisean air màl àiteachan agus rèiteachadh 12 thachartasan ceangail ionadail, màl àiteachan is seirbheisean eile airson coinneamhan eile a’ Choimisein, cosgaisean clò-bhualaidh agus cuairteachaidh bileag mu obair a’ Choimisein, agus cosgaisean co-cheangailte ri bhith a’ stèidheachadh agus a’ cumail suas làrach-lìn a’ Choimisein.
Bha cosgaisean clò-bhualaidh agus foillseachaidh a’ Chiad Aithisg, am pàipear co-chomhairleachaidh agus an Aithisg Dheireannach timcheall air £40,000.
Mar sin, gu h-iomlan, tha na cosgaisean air a bhith timcheall air £500,000.
Ciamar a tha an Coimisean a’ dol air adhart le a chuid obrach? Ciamar a gheibh mi a-mach mu dheidhinn adhartas?
Bidh an làn Choimisean a’ coinneachadh timcheall air dà uair sa mhios. Eadar coinneamhan, thèid obair mhionaideach a thoirt air adhart tro choinneamhan de na “buidhnean gnìomh” fa leth a chaidh an stèidheachadh. Tha buidhnean gnìomh ann a thaobh Prionnsabalan, Dreuchdan, Ceanglaichean, Cunntasachd Ionmhais agus Dàimhean Eadar-riaghaltais.
Tha diofar ghnìomhachd ceangail a’ dol air adhart (a’ gabhail a-staigh choinneamhan le com-pàirtichean, agus tional fianais sgrìobhte) agus fiosrachadh bho chomhairlichean eòlach agus bho luchd-obrach rianachd a’ Choimisein fhèin.
Bidh fiosrachadh mun obair iomlan seo ri fhaighinn air làrach-lìn a’ Choimisein, agus thèid ùrachadh bho àm gu àm. Air an làrach-lìn faodaidh duine sam bith fho-sgriobhadh gus ùrachadh fhaighinn air na leasachaidhean as ùire.
Dè a thachras do mholaidhean a’ Choimisein?
Bidh sin an urra ri Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na RA sa chiad dol a-mach. Ma mholas an Coimisean atharrachaidhean air Achd na h-Alba, dh’fheumadh sin prìomh reachdas bho Westminster a chur an gnìomh.
