Coimisean Fèin-riaghlaidh na h-Alba

lèirmheas neo-eisimeileach air mar a tha fèin-riaghlaidh air obrachadh ann an Alba gu ruige seo

Header Image Teachdaireachd bhon Neach-gairm, Sir Coinneach Calman
View this page in English

Teachdaireachd bhon Neach-gairm (Sir Coinneach Calman)

Sir Kenneth CalmanTha e a-nis còrr is bliadhna bho chruinnich mi-fhìn agus mo cho-bhuill air a’ Choimisein an toiseach aig Pàrlamaid na h-Alba. Aig an ìre sin, cha robh againn ach raon-ùghdarrais agus faireachdainn mu ìre na h-obrach a bha sinn air a ghabhail os làimh.

Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh bhon uairsin. Chum sinn 21 coinneamhan den làn-Choimisein, 41 coinneamhan de dhiofar bhuidhnean-gnìomh, 52 seiseanan fianais bheòil poblach agus 27 seiseanan eile ann an dìomhaireachd. Leugh sinn còrr is 300 tagradh sgrìobhte, agus chunnaic sinn freagairtean don cheisteachan againn bho chòrr is 900 duine. Tha sinn air a bhith a’ siubhal fad is farsaing – bho Inbhir Àir gu Obair Dheathain, bho Lèaruig chun Chaisteal Nuadh – gus coinneachadh ri còrr is 300 duine aig 12 tachartasan ceangail ionadail. Tha an obair air a bhith cruaidh – ach an còmhnaidh inntinneach agus gu tric spòrsail.

Nas cudromaiche, tha sinn a-nis air a thighinn gu aonta – gu h-aona-ghuthach – a thaobh Aithisg Dheireannach. Na bhroinn tha 63 molaidhean a’ còmhdach na prìomh raointean den raon-ùghdarrais againn – molaidhean gus adhartas a thoirt air cunntasachd ionmhais Pàrlamaid na h-Alba, adhartas a thoirt air cuairteachadh chumhachdan is obraichean, adhartas a thoirt air co-obrachadh eadar na Pàrlamaidean is na Riaghaltasan agus co-obrachadh a bhrosnachadh a thaobh cho-ùidhean, agus gus gnìomhachd na Pàrlamaid fhèin a neartachadh. Gu h-iomlan, tha sinn a’ creidsinn gum bi e comasach tro na molaidhean sin, seirbheis nas fheàrr fhaighinn do shluagh na h-Alba bho fèin-riaghlaidh, agus aig an aon àm a bhith a’ daingneachadh àite cudromach na h-Alba taobh a-staigh na Rìochachd Aonaichte.

Ri taobh na h-aithisg, dh’fhoillsich sinn geàrr-chunntas den fhianais air a bheil na molaidhean againn stèidhichte. Air an làrach-lìn seo gheibh thu an làn stèidh-fianais – ath-sgrìobhaidhean fianais bheòil, na tagraidhean sgrìobhte, na freagairtean bhon cheisteachan againn agus fiosrachadh air ais bho na tachartasan ceangail againn. Gheibh thu cuideachd geàrr-chunntas de ar coinneamhan, tuilleadh eòlais mu na buill againn, criomagan naidheachd airson an leughadh agus faodar togail air ceanglaichean gu fiosrachadh iomchaidh eile.

Tha an làrach-lìn seo air a bhith na ghoireas co-chomhairleachaidh deatamach agus na mheadhan ceangail tron obair againn. Suas gu deireadh a’ Chèitein, bha còrr is 13,000 duine eadar-dhealaichte air a chleachdadh (còrr is 130,000 seallaidhean-duilleig). Tha mi an dòchas gum bi e feumail dhut a-nis mar thasglann farsaing den obair againn – mòran taing airson ùidh a ghabhail ann.

Sir Coinneach Calman

15 Òg Mhios 2009

Languages